II
B’e Liunasdal a bh’ann. Oir cha deachaidh Féill an Ath-leathainn fhathasd seachad. Thachair do’n aimsir a bhi briagha ciùin, mar is tric a dh’amais mu’n àm ud dhe’n bhliadhna. Bha’m pòr fo chinneas air machair, le barr-guc an cunabhalas cho fad ’sa thogadh sùil an comhar radh; is dealt na h-òg-mhaidne a’ cur ri sàth an abuchaidh. Cha robh, mar sin, ach toiseach aig a’ ghréin air cur roimhpe, nuair a bhuail na coigrich lamairig.
“Faodaidh sibh tràghadh a leigeil leis an eithear,” thuirt an t-òganach, do’m b’ainm Iarlom, ri ’sgioba. “Ma theid gu math lium, bithidh mi air ais mun tig an t-ath sheòl-mara. Ach ma tha romhaib dol do’n fhéill, cumaib ‘Tulach Ard!’ ’san aire. Oir cha’n’eil fios dé bhei r latha mu’n cuairt. Tha Tolmaich nan sùilean mùgach romhainn; Clann ’ic Fhraing nam brannag a’ gleidheadh aiseag a’ Chaoil oirnn; Sìol-an-Tuirc air gach fàireadh mar dhórain an conas; ar seann naimhdean—Domhnullaich na làimhe-deirge, toisgeal ar slighe bho Shléibhte. Ac h mur a cluinn sibh guth-mór no droch fhacal, seachnaib mo chuideachda.”
“Cha’n e Faochagan an t-Stratha, no Maothagan Shléibhte, ’bheireadh tilleadh air Cabar-féidh!” fhreagair fear de’n sgioba.
“Tha mi’n dòchas nach’eil an dearbhadh ’gar feitheamh,” leasaich seann-duine a bha na shuidhe, car as an rathad, air tota na stiùire. “Cha bu mhisd ’ur togradh, cuimir nan sreath ’s a’ chruadal.”
“No [1]cuireid nan ìnnleachd baoth,” thill fear.
- ↑ cleas seòlta