Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/19

This page has been proofread.
5
AN T-OGHA MOR

Bu [1]dhearras le gruagaich a làmh-dheas ga cobhair; ach gu h-àraid, sùgradh a bhilean ri ’cluais, is conaltradh nan crann ’gan tàladh.

B’e sid coltas an uasail—’san dol-seachad—anns ’na ghabh mnathan a’ Chinn-ìochdraich tlachd. Is cha mhomha na sin a bha esan gun an ùidh chiadna anns na bha ri fhaicinn, ’s ri oilean mu’n cuairt da. Bho’n a dh’fhàg e Abhainn Lusaidh, bha’n slios air chrith le crodh ’gan iomain gu féill; is géum air ghnòsad cho guthach ri sniomh nan tonn mu charraig. Chluinnte iomadach seòrsa Gàidhlig ’ga labhairt air an astar ach a bha air bheag blas do mhuinntir an Eilein. Bha Abraich a’ [2]connsachadh bathair mar gu’m biodh a’ chioch-shlugain g’an dìth; Fìnich a’slaodadh nam facal mar troimh chàirean loisgte; Geàrrluich, mar thuairnear, a’rothadh an seanachais; is Sàilich pheircleach a’ deanamh na sùla-bige air a’ chéile; is iad a’di-moladh prìs nan aighean, far an ruigeadh an còmhradh air cluas coimhich.

Dh’fhaoidte nach robh na dròbhairean idir cho cearbach ’nan gnè, ’sa bheireadh òran an Ogha Mhóir a chreidsinn oirnn. Cha bhiodh esan ach a’cur an seòl nan [3]turragan bu mhiann leis gach sgìr a bhi tarruing as a’ chéile mar mhagaid.

Ràinig Iarlom an fhéill air a’ cheann-thall. Ach cha d’rinn e sin gun iomadach sùil a’ laidh air; is iomadh ceist a chur mu dé bu cheann-turuis dha, air nach teireadh an [4]t-adhan fuasgladh. Biodh sin mar a bha: na’n do leigeadh fios-rùin ri dreallaig, thuigeadh fear beachdail an cion-fàth thug Morair òg Chinn-t-Sàile

  1. iarrtas
  2. argumaid
  3. cothrom tilgeannais
  4. sean-fhacal