FOILL, IS A’ MHOINTEACH MHOR
Am fear a brathas ’s e mharbhas
—SEAN-FHACAL
Bha Raitean ag obair air geadhachail còmhla ri Iain Ruairidh gus na chuir gealach an da’r-éug, glas-mhiar air an oidhche. Bha e stigh nuair a thainig Eilidh, ’s a dh’fhàg i. Có chuireadh uibhireachd air Raitean—e ann an oir na luatha ’na ghuraban; is craicionn coimheach, le cion uisge air an aodann aige? Ach coma leat! Bha chluas air ghléus ris na chluinneadh e; is a shùil cho biorach ri comhachag a’ feitheamh tùill lucha.
Cha bu chomaine da idir na bha ’na rùn a chur an géill. Oir is iomadh oidhche sheasgair a ghabh e de thigh Iain Ruairidh, agus tràth le annlann, còmhla ris. Ach ged a bha e bialach, bha e mar an ciadna, bruidhneach, cealgach; agus, na bu mhiosa na sin—neo’r-thaingeil. Bha de dh’fhealla-dhà ann na dh’fhoghnadh do shia buannacha diag Mhic Dhomhnuill. Is am fear a thuirt, ‘an làn ghàdaire’ ris, cha robh e cur an ìslein bho sheilbh a chodach. Ach a dh’aindeoin co-dhiùbh, is na ghearaineadh air, gheibht e cho grìdeil, air uairibh ri seangan an tom.
Ma tha naigheachd so fior—an rud a tha—ionnas gu’r h-ann bho Iain Pìobaire, (bial na fìrinn) a thainig i—bha Raitean cho gèur-chuiseach ri Druidh an crannaig.