Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/201

This page has not been proofread.
183
FOILL, IS A’ MHOINTEACH-MHOR

“Cha chuala,” fhreagair Mairearaid; ’s i ’deanamh ratha de dh’airc. “Ach an rud nach cluinn mi a-nochd, cha’n aithris mi a-màireach.”

“Bi iad fad air an rathad,” thuirt esan le àrdan na poite-bige.

“Bheireadh seillein math mil a sin, a Thormaid,” thill ise. “Bi dùil ri fear-mara, ach cha bhi dùil ri fear-reilige——”

“Ma bhios e am mòintich,” chuir Raitean ris; “is beannachd Chalum Ghobha leis——‘mo thogair ged nach tìll.’”

“Tha thu giar dhe t-aois,” thuirt Mairearad, “nach mairg nach fhacas ’na bu shine thu.”

Thug e sùil dhàna oirre; agus am freagairt beurra: “Bheir na daoine beaga rud as na spéuran cho luath ris na daoine móra.”

“Ma tha’n ealain aca.”

“’S fheàrr rath na ealain,” thionndaidh e cheart cho tuathal.


IV

Ni e ’n gnothuch, smuaintich i rithe fhein; agus aig a’ cheart àm, air-san a thainig air a’ chois-cheum slighe leatha.

Mar a thuirt i fhein: bheireadh seillein math mil as na bha i scoileamachd ri Raitean, bho’n a thachair iad an toiseach.

Cealgach ’s g’an robh esan, chuir e umhail air an dìchioll a bha i deanamh airson a companach-rathaid a dhol an dìth. Ach ged a bha Raitean cho teuma ri moisean, cha b’urrainn, ni momha dh’fhèach e ri thuig-