Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/226

This page has not been proofread.
208
AN T-OGHA MOR


II

Bu ghille-turuis, Rob Crotach, air ùr-thighinn; ’s chaidh a thoirt a-stigh le fàilte a dh’ionnsaidh aitreabh an t-seadhachais.

“Cia as a thug thu do mharcachd?” dh’ fhoighnichd Mac Leòid, ’s e ’ga smèideadh gu taobh.

“Gheibh sibh leisgial mo ghnothuich ann a’ so,” fhreagair Rob Crotach a’ lìbhrigeadh litreach. “Agus tha ’brigh ’n ’ur cead.”

Léugh Mac Leòid an litir.

“Thoir beannachd bhuam-sa do ’n Ridire Tholmach,” labhair e sin le mùchadh feirge. “Ach innis dha: ge b’ e a’ bhòid a bheir Mac Leòid, no am facal a thug e ’n Dun-éidionn, nach ’eil e ’n rùn an seachnadh aig lath’ an dearbhaidh. Air son sin deth, na leig dhomh a dhi-chuimhneachadh gus a’ bheil gille-gnothuich mo nàbaidh air adharc a cheann-uidhe,” agus dh’ fhàg e Rob Crotach ann an comunn cuaich is cuideachda.

Cha do dh’ fhuirich Mac Leòid ro fhada ann an talla-na-cuilme. Chaidh e mach; ach cha b’ ann gu gabhail mu thàmh. Oir bha luasgan air aire ’chuir iomchoir an àite cadail.

“C’arson a’ tha’n Ridire Tolmach a’ cur Mhungain Thuathail ’nam chomhairle-se?” chuir e ris fhein air seòl agus a-rithisd. Ach mu’n tainig co-dhùnadh gu bith, có ’bha ri ’chrudha gu bog, balbh ach Mungan—bodach-earraid Foirbeiseach Chul-odair airson na bha dh’fhios aig Mac Leòid air a’ chaochladh.

“’S ann ort dìreach a’ bha mi tighinn an ceartair!” thòisich Mac Leòid mur nach cuireadh Mungan a bhi