’san làthair, an t-annas bu lugh’ air. “Ach ciamar fo adhar nan rionnag a thainig thu’n taobh-sa? Agus c’uin?”
“Mu tà!” fhir-Dhuin-bheagain, labhair Mungan gun a cheann a shnaoitheadh—“oir ’s ann ri ràdh ribhs e—cha’n ann a’ toirt droch fhreagairt a tha mi; ach na robh fios-nam-fàth agam, cha b’ e gille beurrach an Ridire Tholmaich, a thug fios-fuadain an toiseach do cheann-cinnidh nan Leòdach. Biodh sin mar a tha e. Cha’n ’eil a’ chlach na’s dlùithe do’n làr na tha cobhair Choibhi. Tha dìreach—seadh!—tha latha na mi-thlachd teann air làimh. Ach ’s e guidhe nan càirdean nach faighear Mac Leòid ann an coileach an t-struith. Creidibh———.”
“Bial-sìos air do theangaidh!” chaisg Mac Leòid gu grad-ghuthach. “Bheir fionnaireachd binnean-freadhairc a’ chaisteil solus dhomh, ’nuair a bhios iomairt toile an teagamh. Thig lium!” agus rinn iad le chéile ceum-cabhaig an dìridh.
Air dhaibh an taicse ’leagail air an uchd-bhalla, chaidh iad an ceann còmhraidh a bha, araon, eagnaidh agus faileasach.
“Tìr-nan-Og!—An e thuirt thu?” labhair Mungan anns an dòigh ’san deanadh bàrd strìth ri druid-smuaint—“Is seilbh an fhìor Ghaidhil i. Oir ann a’ sin, tha inneil-sheilg is thuasaid air sparran na sìth’ an crochadh; suinn aig cuilm nam buadh; am fìon donn-dhearg, bideanach, clis, gu pailt a’ struthadh; i! sligean-cinn a’ naimhdean, mar rogha nan cuachan-òil s Saoilidh mi gu bheil spiorad na taibhs ga mo chur
M