Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/232

This page has not been proofread.
214
AN T-OGHA MOR

an diomhair-comhairle ri ceann-feadhna Shìl Leòid. Mo thruaighe! Ma thréig Mac Leòid a ghealladh, cha do dh’aom e a dh’easbhuidh rùn-casaide. B’ ainnir nan dreach, teachdaire Foirbeiseach Chul-odair. Is có e am fear sin air nach tigeadh tiomachd fo theas-lasair a sùla? Nach robh i àrd ’na cruthachd; cumadail mar iùil-choimeas nam bàrd; a pearsa so-lùbaidh mar an seileach ’na ògan; agus a snuadh aice bàn-dhearg mar shlige-chreachain air ùr-fhosgladh?

“Cha b’e turus an dìomhanais mo thi’n ’nad rathad,” labhair i le ceòl-ghuth drùighteach leis an deanadh cràinn buidseachd. “Ma sheachnar foghar nam bann trach, is ann aig Mac Leòid na’n Leòdach a bhios a’ chomaine.”

“Tha dòchas agam nach tig eas-chliù an lorg m’ aomaidh,” fhreagair Mac Leòid, is cha robh e sunndach. “Ach ged is ciall dhomh gun éirigh leis a’ Phrionnsa, cha do gheall mi feachd ’na aghaidh.”

“Gabhar t’fhacal far nach iarrar t’urras,” thuirt Mairearad. “Ach nach mór an t-earras aig latha nan càs—tog adh Mhic Leòid ’na dhlighe? Faic Mac Neacail as an rathad. Mo dhi-chuimhn! Ciamar a dh’ fhàg Mungan thu?”

“Eadar mo làmh ’s mo thaobh, mar gho-uisge, tha aithreachas orm.”

“Dé ’chuir air shiubhal cho grad e?”

“An éiginn, saoilidh mi,” arsa Mac Leòid—“an rud a chuir an earba ’san loch! Is ioma teachdaire neònach a tha dol. An cual thu riamh mu Mhac Fhraing a’ Chaisteil Mhaoil?” dh’fhoignichd Mac Leòid.