leumadh ’nar bad bho chùil ’s fo ghiall. Mur am facas Mungan, chualas a ghuth——”
“Cha’n ’eil thu ’g ìnnse có iad luchd nam foill-chleasan,” thuirt Mac Leòid ’ga stad a-rithisd.
“Tolmaich is fear ris an canar Iain Ruairidh, air an ceann,” lean Dòmhnull Uilinis air aghart, “’s b’e ’m baoghal ti’n ’na charaibh. A! mo leisgeul! B’e sid an tràth anns ’na thachair Clann Leòid ri Tolmaich; is mollachd na fola ag at ’nan uganan. Bha taic nam fear-cath ann am biodag air luigh; ach cha robh fear-geilt air an t-sliabh, no fuil-gheal air an fhraoch. Fear mar ri fear, sheas gun athadh; fhiaclan ’gan dingeadh, is ’fhéithean a’ ragachadh le teann-ghreim na làmhaid. ‘Ma tha Dia os ar cionn,’ chluinnt le bristeadh-facail is mionnan,’—‘an rud a tha; ach fàg an gnothuch eadar sinne ’s ’a bhiodag.’ Ged a fhuair mis’ as, tha iomadach fear gun righeadh ’s a’ mhòintich, agus leòn air a shiubhal a dh’ fhàg an cridhe gun phlosg.”
Bhrist an lath ’s an ear; ach cha robh e ’n dàn do dh’ fhear nam béud fhaicinn: chrìochnaich a shaoghal roimh dheireadh a sgeòil.
Thog Mairearad oirre ri slighe nan cron le misneachd. Ach bha Mac Leòid Dhun-bheagain, fhathasd ’s an teagamh-rùin a chuireas cadal air iomrall.
Aig laimrig nan cladach tha e faicinn, mar ann an suain, fir-chlise ri faire nan sgrota; is an sùil a-ghnàth air linne agus fosgladh cuain. Sid i—long-shreathach air fuaradh, ’san dùil innte. Ach a’ bheil am fiùran air a clàiribh a chuireas fuadach air fadal? Mun tig ceann-dubh air a’ ghealaich, théid fir-chalma fo’n