“Una!” dh’fhùc Mac Fhraing fo anail, is buille air a chridhe.
“A’deanamh air an fhéill,” leasaich an Ridire mar chonas. “Cha’n’eil fhios có tha ’ga feitheamh?”
Ràinig an t-saighead am beò aig Goiridh; is a-chionn nach’eil [1]meachainn am farmad, ghuidh e barrachd ’na rùn na chuir an t-Ogha Mór cainnt air.
Aréir na h-inntinn ’san robh i, agus a h-aideachadh fhein, bu lugh’ air Una tachairt air ùraisg aognaidh nan sgialachd, na Mac Fhraing an uair ud. Cha robh gràin ’sam bith aic air. Ghabh i, is chòrd aoidheached a thighe rithe uair is uair. Cha’n fhac i riamh ach uasal ’na ghiùlan e. Dé dha sin? Bha e sean! Ach na’n robh ise de chleachdadh-pòsaidh nan Eallagholach, dh’fhaoidte gu’n a sheachainn an aois buille na h-eadraigin. Thainig na thog a sùil bho chearn eile; ged a bha rudaigin a’canail rithe nach tig an latha mhealladh i rùn a cléibh.
Chual is thuig i rian nam facal a dh’aobhraich i ’san àm eadar an dithisd eile. Ach cha do leig i dad oirre. Oir ghabh i seachad le fàilt an latha chur, ach gann ann am freagairt. Ma ghabh, dh’fhàg i Mac Fhraing ann an sunnd a rinn criadh dheth ann an làmhan a bràthar.
Bha’n Ridire tuilleadh is teuma airson dàil a chur ’na turus. Is cha dubhairt e móran gus an deach i gu math a sealladh.
Cha b’urrainn Mac Fhraing cumail air na b’fhaide. Thug e an dudar-léum air a bhonnaibh, is thog e làmh ri àirde na féille.
- ↑ truas no géilleadh