Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/33

This page has been proofread.
19
AN T-OGHA MOR

b’àirde. B’e fhein is geamhradh an dà-fhichead, na comhaoisean. Ach mar is gnàth do chogais gun mheirg, bha spìd air a barradh ri iollag an t-seana-ghille. Bha mheomhair ann an coimeas ri bhodhaig, is iteachan a’ bhàird maille ris, le cead an Fhreasdail. Oir—mur a canair an t-Ileach fhein—cha robh aig rogha nan Druidh na bheireadh dheth e ann an di-moladh an Fhir-is-miosa. Nuair a thigeadh dha beachd a liubhairt, bhiodh pong ’na sheadhachd. Cha tric nach gabhta ris mar bhinn nan seanar bho rùn gliocais. Bha aoidheachd is ceartas an còmhnuidh air làimh aige; agus cha bhiodh e mar a chuid fhein do’n fhear sin, a thigeadh air le car-tuathal bho bhealach.

Ged a bha thogail a-measg ìochdran, theireadh bean-ghlùine air mhaille, gu’n robh fuil an uasail ’na chuislean.

B’e sid teist a’ cheatharnaich anns na chuir Una a h-earbsa. Thainig i tarsuinn air ’na h-airc,—e ’na shuidh air cnoc, cròileagan mu thimchioll, agus dalladh aig air òran na Féinne.

Cha luaithe chuir i a h-éis ’na chomaine, na rinn esan air an ionad anns an robh Mac Coinnich aig diachainn. Mar a chaidh leis, tha sinn cheana air fhaicinn.

“Fhearaibh!” labhair e le guth anns an amaiseadh cluas-ghiar air magadh, is muigheadh, “an tilgear air Strathach, no Sléibhteach gu’n a sheall e eas-urram do choigreach? Thug ar daoine aoidheachd mar earras d’an cloinn; ach tha mi faicinn ’nar measg na bhuaireadh fear-tathaich ’na aonar. Is cìnnteach nach ann as leith Sgiathanaich a dh’éireadh a’ chearb sin.”