Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/34

This page has been proofread.
20
AN T-OGHA MOR

Dh’éisdeadh ri chasaid; ach cha robh ’san tional na ghluais facal ’na aghaidh.

“Freagraidh mis’ air bhur son,” thuirt e an ceann tacain. “’S e cùiltearachd Chloinn ’ic Fhraing is coireach; ach cha’n ann—buidheachas do’n Fhreasdal!—de shìol an Eilein iad; ged a thachair dhaibh a bhi le cead ’nar measg, mar a bha’n Tiristeach ’s a’ chuideachda. Cuireamaid eireachdas air cleachdadh ar dùthcha, le bhi sealltainn do Mhac Coinnich Chinn-t-Sàile, nach fhiù leinn dol-a-mach an spleadhaire. Cha do chuir Mac Coinnich an còrr na sin a theagamh ’nar gluasad, neo cha tainig e do’n bhaile fo éideadh, is shuaicheantas a chinnidh. Deoch-slainnte ‘Chabar-féidh!’—gach fear mar a chothrom—Aoidheachd do choigreach is cnàmhan prann do naimhdean ar dùthcha!”

Lean iollach an òraid; sgap colgairean na mi-thlachd. Ach goirid na dhéigh, bha bùthnan na dibhe dripeil; cuach an òil deiseal air chuairt; is fàsgadh dhòrn an greim càirdeis.

Mun d’fhàg Una an fhéill ann an comunn a bràthar is Mhic Fhraing—nach do ghabh orra na chunnaic, no chual iad—ghabh i leisgial air Mac Coinnich fhaicinn. Ach bha esan air togail air falbh, ’san t-Ogha Mór le làimh ’na achlais còmhla ris.

Rinn iad còmhail airson sin, an déigh tràth-cadail mar a chuir i air suim an toimhseagain. Thuirt ise gu’n tachradh i ris, nuair a dhùinte an duilleag, ’sa sgaoilte ’m breacan, ’s a rachadh am marbh a thiodhlacadh a’ bheò; agus mhìnich an t-Ogha Mór do Mhac