Ailein, Ailein, 's Fhad' an Cadal
Òran don Phrionnsa
Sèist
Hug ò ro ì, hug òireannan
Hug ò ro ì, 's na hì ri ù o,
Hithill ù hug òireannan.
Ailein, Ailein, 's fhad an cadal,
Tha 'n uiseag a' gairm 's an là a' glasadh;
Ghrian ag èirigh air na leacain –
'S fhada bhuam fhèin luchd nam breacan.
Ailein duinn, gabh sgoinn 's bi 'g èirigh
Tional do chlann, cuimhnich d' fheum orr';
Bidh Alba mhòr fo bhinn bhèistean
Mur a dìon a muinntir fhèin i.
Bheir iad Mòrag mhìn air èiginn
'S eagal leam gun dèan i gèilleadh
'S gum bi sliochd gun an còir fhèin ac'
De Bhreatainn mòr, no de dh'Èirinn.
Mhòrag, nam faicinn d' fhear-ceusaidh,
Ge b' ann air cabhsair Dhùn Èideann,
Thairginn na lainn chaola, gheura,
'S dh'fhàgainn fhèin e marbh gun èirigh.
This work was published before January 1, 1929, and is in the public domain worldwide because the author died at least 100 years ago. |