Allt an t-Siùcair

Allt an t-Siùcair (1751)
by Alasdair mac Mhaighstir Alasdair
154076Allt an t-Siùcair1751Alasdair mac Mhaighstir Alasdair

Allt an t-Siùcair

A’ dol thar Allt an t-Siùcair
air madainn chùbhraidh Chèit,
is paidirean geal, dlùth-chneap
den drùchd ghorm air an fheur;
bha Richard ’s Robin brùdhearg
ri seinn ’s fear dhiubh na bheus,
’s goic mhoit air cuthaig chùl-ghuirm,
’s gug-gùg aic’ air a’ ghèig.

Bha smèorach cur na smùid dhi
air bacan cùil leath’ fhèin;
an dreathan-donn gu sùrdail
’s a rifeid-chiùil na bheul;
am breacean-beithe ’s lùb air,
’s e gleusadh lùth a theud,
an coileach-dubh ri dùrdan
’s a’ chearc ri tùchan rèidh.

Na bric a’ gearradh shùrdag,
ri plubraich dhlùth le chèil’,
taobh leumnaich mear le lùth-chleas,
a bùrn le mùirn ri grèin;
ri ceapadh chuileag siùbhlach,
le’m bristeadh lùthmhor fhèin:
druim lann-ghorm, ’s ball-bhreac giùran,
’s an lannair-chùil mar lèig.

Mil-dheoghladh sheillean srianach
le crònan ’s fiata srann,
’nan dìthean baglach, riabhach
mu d’ bhlàithean grianach chrann;
straibh-dhriùchdain dhonna, thiachdaidh
fo shìnean cìochan t’ fheòir,
gun theachd-an-tìr no bhiadh ac’,
ach fàileadh ciatach ròs.

Gur milis, brisg-gheal, bùrn-ghlan
meall-chùirneineach ’s binn fuaim,
bras-shruthain Allt-an-t-Siùcair
ri torman siùbhlach, luath;
gach biolair ’s luibh le ’n ùr ròis
a’ cinntinn dlùth mu bhruaich,
’s e toirt dhaibh bhuadhan sùghmhor
g’ an sùgh-bheathchadh mu’n cuairt.

Bùrn tana, glan gun ruadhan,
gun deathach ruaim no ceò
bheir anam-fàs is gluasad
da chluanagan mu a bhòrd;
gaoir-bheachainn bhuidhe ’s ruadha
ri diogladh chluaran òir
’s cìr-mheala da chuir suas leò
’n cèir-chuachagan ’nan stòr.

Gur sòlas an ceòl cluaise
àrd-bhàirich bhuar mu ad chrò,
laoigh cheannfhion bhreaca ghunach
ri freagradh, ’s nuallan bhò;
a’ bhanarach le buaraich
’s am buachaill’ dol nan còir,
gu blaoghan a’ chruidh ghuaillfhinn
air cuaich a thogas cròic.

Bidh lòchrain-mheala lùbadh
nan sràbh, ’s brùth air gach gèig
de mheasan milis, cùbhraidh
nan ùbhlan is nam peur;
na duilleagan a’liùgadh,
is fallus-cùil diubh fèin,
is clann a’ gabhail tùchaidh
’gan imlich dlùth le’m beul.

B’e ’n crònan t’easan srùlach
an dùrdail mhùirneach Mhàigh;
’s do bhoirchean daite sgùm-gheal
tiugh flùireanach, dlùth, tlàth;
le d’ mhantal de dhealt ùr-mhìn
mar dhùbhradh cùil mu d’ bhlàth;
’s air calg gach feòrein t’ùr-fheòir
gorm neamhainn dhriùchd a’ fas.

Do bhrat làn shradag daoinein;
do bhraon ni soills’ air làr;
An carpet ’s gasda foidh-neul,
gun cho fine an Whitehall;
mu d’ bhearradh gorm-bhreac, coillteach,
an cinn an loinn le àl;
na sòbhraichean mar choinnlean
’nan coinnlearan a’d sgàth.

Bidh guileag eala tùchan
’s eòin bhùchuinn am bàrr thonn
aig ionmbhar Allt an t-Siùcair
snàmh lùth-chleasach le fonn,
ri seinn gu moiteil, cùirteil,
le muineil-chiùil ’s iad crom,
mar mhàla pìoba ’s lùb air,
ceòl aoifidh ciùin nach trom.

’S grinn an obair ghràbhail
rinn nàdur air do bhruaich;
le d’ lurachain creamhach, fàsmhor,
’s am buicean bàn orra shuas;
gach saimir, neòinean ’s màsag
mìn bhreac air làr do chluain,
mar reultan reòt’ an deàrrsaidh
’na spangan àluinn, nuadh.

Bidh croinn ’s am bàrr mar sgàrlaid,
de chaoraibh àluinn ann;
is cnothan bachlach, àrbhuidh
a’ faoisgneadh àrd mu d’ cheann;
bidh dearcan ’s suibhean sùghmhor
trom-lùbadh an luis fhein,
caoin, seacaidh, blàsda, cùbhraidh,
ag call an drùis ri grèin.

’S co làn mo lios ri Pàrras
de gach cnuas is feàrr an coill’;
’na rèidhlich arbhar fàsaidh
bheir piseach àrd is sgoinn;
pòr reachdmhor, minear, fàsmhor
nach cinn gu fàs ’na laoim,
cho reamhar, luchdmhor càileachd
’s gu’n sgàin a’ ghràn o dhruim.

Do thacar mara ’s tìre,
bu teachd-an-tìr leis fèin;
’nan treudan, fèidh ad fhrìthean,
’s ad chladach ’s mìlteach èisg;
’nad thràigh tha maorach lìonmhor,
’s air t-uisge ’s fìor-bhras leus
aig òganacha rìomhach
le morghath fìor-chruaidh geur.

Gur h-ùrail, sliochdmhor, cuanta
greigh each air d’ fhuarain ghorm,
le ’n ìotadh tarruinn suas riut,
le cluintinn nuall do thoirm;
bidh buicean binneach ’s ruadhag
’s mìnn mheanbh-bhreac, chluas-dearg, òg
ri h-ionaltradh gu h-uaigneach,
’s ri ruideis luath mu d’ lòn.

Gur damhach, aghach, laoghach,
mangach, maoiseach, d’ fhonn;
do ghlinn le seilg air laomadh,
do gharbhlach-chraobh ’s do lom;
gur h-àluinn barr-fhionn, braonach
do chanach caoin-gheal thom,
’na mhaibeanan caoin maoth-mhìn
’nad mhòintich sgaoth chearc donn.

B’e siud an sealladh èibhinn,
do bhruachan glè-dhearg ròs,
’s iad daite le gath grèine
mar bhiosgnich leug-bhuidhe òir;
b’e siud an geiltreadh glè-ghrinn,
cinn dhèideag am measg feòir,
de bharran luibhean ceutach,
’s fuaim bhinn aig teud gach eòin.

O, lilidh, rìgh nam flùran!
thug bàrr-mais air ùr-ròs gheug,
’na bhabaidean cruinn, plùr-mhìn
’s a chrùn geal, ùr mar ghrèin;
don uisg ud, Allt an t-Siùcair,
is cùbhrainn da bho bheud
’na rionnagan m’a lùbaibh
mar reultan-iùil nan speur.

Do shealbhag ghlan ’s do luachair
a’ bòrcadh suas mu d’ chòir;
do dhìthein lurach, luaineach
mar thuairneagan den òr;
do phris làn neada cuachach,
cruinn, cuarsgagach aig d’ eòin;
bàrr-braonain ’s an t-sàil-chuachaig
’nan dos an uachdar d’ fheòir.

B’e siud an leigheas lèirsinn
do loingeas brèid-gheal, luath
’nan sguadrona seòl bhrèid-chrom,
a’ bòrdadh geur ri d’ chluais,
’nan giùthsaichean beò-ghleusta
’s an cainb gu lèir riu shuas,
’s Caol Muile fuar ’ga reubadh
le anail-speur bho thuath.

Is cruaidh a bhàirlinn fhuair mi
bho’n fhuaran ’s blasda glòir;
an caochan is mò buadhan
a tha fo thuath ’san Eòrp;
lìon ach am bòla suas deth,
’s de bhrandaidh fhuair na ’s leòir,
am puinse milis, guanach
a thàirneas sluagh gu ceòl.

Muim-altruim gach pòir uasail
nach meath le fuachd nan speur;
tha sgiath o’n àirde tuath oirre
dh’ fhàg math a buar ’s a feur;
fonn deiseireach, fìor uaibhreach,
’na speuclair buan do’n ghrèin;
le sprèidh thèid duine suas ann
cho luath ri each ’na leum.

Is aol is grunnd d’a dhailean
dh’fhàg Nàdar tarbhach iàd;
air ma meinn gun toir iad arbhar,
s’ tiugh starbhanach ni fàs;
bidh dearrasanaich shearr-fhiaclach
’ga lannadh sìos am boinn
le luinneagan binn nìghneag,
an ceòl is mìlse rainn.

An coire ’s feàrr ’san dùthaich,
an coire ’s sùghmhor fonn;
’se coirean Allt an t-Siùcair
an coirean rùnach, lom;
’s ge lom, gur molach, ùrail,
bog-mhìodar dlùth a thom,
am bheil mil is bainne brùchdadh
’s uisg’ ruith air siùcar pronn.

An coire searrachach, uanach,
meannach, uaigneach àidh;
an coire gleannach, uaine,
bliochdach, luath gu dàir;
an coire coillteach, luachrach
an goir a’ chuach ’sa Mhàrt;
an coire ’m faigh duin’ uasal
biast dhubh is ruadh ’na chàrn.

An coire brocach, taobh-ghorm
torcach, faoilidh, blàth;
an coire lonach, naosgach,
cearcach, craobhach, gràidh;
gu bainneach, bailceach, braonach,
breacach, laoghach, blàr,
an sultmhor mart is caora,
’s is torach laoimsgir bàrr.

An coire ’m bi na caoraich
’nan caogada le ’n àl;
le’n reamhrad gabhail faoisgneadh
an craicinn mhaoth-gheal, thlàth;
b’e sud am biadh ’s an t-aodach
’nad fhaoin-ghleann is a’d àird;
an coire luideach, gaolach,
’s e làn de mhaoine gràis.

An coire lachach, dràcach
am bi guilbnich, ’s tràigh-gheòidh òg;
an coire coileachach, làn-damhach,
is moch ’s is anmoch spòrs;
’s tìm dhomh sgur ’g an àireamh –
an coire ’s fàsmhor pòr
gu h-innseach, doireach, blàrach,
’s ìmeach, càiseach bò.


This work was published before January 1, 1929, and is in the public domain worldwide because the author died at least 100 years ago.