Is e lath’ an àidh a bh’ann. Ach tha mi dol thar mo sgeòil. Is cha mhi a h-aon. Oir thug Iain fhein, iomradh air móran nithibh nach robh cumail amul na naigheachd ro dhìreach. Mheasadh cuid an dòigh sin mar choire. Ach is ann a bha e ga mo chur-sa ’nam fhaireachadh air an trom-eòlas a bha aig air eachdraidh.
Rinn mise an t-aithris mar a thachair; ach cha cheadaich an sgial dha àite gu h-iomlain. Dh’fhaoidte gu’n leig mi leis a’ ghaoith, na bu chòir dhomh ghleidheadh bho’n fhasgnadh. Cha’n’eil seòl air a leasachadh. Oir na’n tug mi tarruing air na h-uile ceann-labhairt air ’na chuir Iain blas, cha’n e mhàin gu’n tréigeadh mo chuimhne; ach dh’fhàg e mi air cladach-leis cho fada, ’s nach tig an latha bheirinn beò mo chuspair os-cionn fuaraidh.
Leig mi seachad, air a’ mhodh sin, iomadach beum is tuiteamas air an d’rinn eachdraidh luaidh, ach a bhiodh gun mhealadh ann an aineol an tagraidh. Theagamh nach biodh mo thaghadh gun diomb do’m fhear-fiosrachaidh, na’n do thuig e saothair mo chriathraidh roi’-làimh. Ach ma bhios talach ’sa’ mhanadh, fàgam eadar a’ moisean ’san dàn e.
Tha facail anns a’ chànain againn a chuireas rath air leisgial, ma thig e dhut am foghlum fo smachd an t-seann-duine. Oir faodaidh deadh chliùchdair a bhi dh’easbhuidh alt cur lìn ri druim. Cha mhomha na sin bu chòir [1]leispreidh a dheanamh air sgial ann am beairt. Ach taitneach ’s gu’n robh bun gach ionnsaidh, bha liughad car ann an seòl-cainnt na naigheachd aig Iain ’s a tha’m biadh na faochaig.
- ↑ cion-aire