Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/112

This page has not been proofread.
94
AN T-OGHA MOR


smid leisgeil. C’arson, air a’ mhodh sin, nach cuireadh i càin air comaine, le neo-fhearalas a cùirteir a thoirt le bagairt da fhianuis? B’e sin a bha ’na h-inntinn nuair a leig Iain Ruairidh ruith da theangaidh.”

Biodh sid ceart no nach bitheadh, tha iad air slighe na fìrinn a bheireadh teagamh a iomrall; is cha’n iomain sinn fiosrachadh bho thaibhs air uideil. Ach a dh’aindeoin gach barail, ma thuirt an t-Ogha Mór gu’n robh fòtas ann am Mairearad Nic Uaraig, is fheudar nach b’ann gun dìth-aobhair a bha e.

Dh’éisd i co-dhiùbh ri casaid Iain Ruairidh gun mi-rùn a thoirt an guidhe; ach mu’n d’fhuair i amas-freagairt, thainig am Prionnsa làthair, is am Moraire Godo còmhla ris.

Tha e mar fhiachaibh air agairt mo sgeòil g’am fàgainn an dreach a fhuair mi oirre. Dh’ ainmich Iain Pìobaire gu’n robh Fear-Scalpaidh air aghart na h-òige ’san àm. Is mar a chuireadh e fhein cuimir air seanachas, chomharraich e gu cùramach, nach robh ann an seirbheis a’ Chrùin, do’m b’fheàrr a thigeadh cùlaidh-chùirteir na Iain Ruairidh. Ach leig e an cur-a-mach sin seachad air dha ti’n air ais do’n Eilean a dh’àraich e.

Ge b’e dé bha ’nam beachd, cha do chuir iad fiamh no athadh air Iain. Thug e sùil air fear mu seach dhiubh—is cha robh i caoimhneil. Bha collas gruaim’ air a’ Phrionnsa; is cha robh gnùig a’ Mhoraire cur furain an céill.

Dh’fhaoidte nach do leasaich e cùis na h-airsid, Iain fàilt an t-saighdeir a chleith air a cheannard; nì nach