Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/113

This page has not been proofread.
95
EARRAIG CHEILIDH


deachaidh as air an dithisd aca, no eadhon air Mairearaid. Ach bha esan cearta-coma. Cha bu mho air i an uair ud, n’an té a thogadh ’san Tuirc. Thainig cuideigin eile stigh air; oir lèum a bheò air iteig a dh’ionnsaidh Coire Chatachain, far an robh ainnir, air shuairceas, aig bleodhan chrodh-laoigh; is conaltradh na h-ealtainn ’ga tàladh. Eilidh!—Cha’n’eil innte ach am pàisde—

Cha b’fhada bha rùn ann am fonn a sheòdail nuair a thug am Moraire Godo tilleadh air.

“An e cleachdadh do dhùthcha,” ars’ esan ’se toirt ceum na b’fhaisg air, “fàth a ghabhail air ban-uasail, agus ainm do Phrionnsa chur ann an neo-bhéus air mhodh dith?”

“An e cleachdadh Prionnsa ’s a ghille-pliobair, a bhi deanamh falach toll-iuchrach ann an seòmar ban-uasail, nuair a gheibh iad fàth air a h-athair bho taobh?” fhreagar Iain mar nach biodh aig orra ach dà gharrach.

Bha coltas calla nis air; is thug am Prionnsa ’n aire dha. Ach dé rinn Godo, ann an doillead a chorruich, ach a chlaidheamh a tharruing—gluasad a rinn Iain ’na b’ealamha. Is mur do leum Mairearad ann an cabhaig eatorra, bha iad ann am mullach nam meall.

B’ann air Iain a bha sùil; ach na’n do dh’amhairc i air a-leith cho blàth aig toiseach an còmhail, cha robh fearg a-nise ’ga dhalladh.

Chunnaic am Prionnsa, ma bha dortadh fola ri sheachnadh, gu’n robh an eadraigin aige ri dheanamh; is chur e cogar an cluas a’ Mhoraire, a thug air-san seasamh air ais. Goirid an déigh sin, dh’fhàg iad an seòmar le chéile. Ach ged a fhuair Iain e fhein a-rithisd