Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/114

This page has not been proofread.
96
AN T-OGHA MOR


le Mairearaid ’na h-aonar, ghabh e mach as a tigh gun a bhial fhosgladh.

“Rinn thu ceàrr mo làmh a bhacadh,” thuirt Godo air dhaibh ionad uaignis a ruigheachd. “Tha cunnart anns an eòlas a th’aig a’ bhurraidh ud airson a bhi siubhal nan sràid leis. Dé ma chluinneas Ualpol e?”

“Eh!” smachdaich am Prionnsa. “Nach annasach lium ceann cho glic riut a bhi cho gogaideach. Cha mho air an fhear ud seadhannan Parlumaid na tha de pholl ri d’ bhrògan. Leig leis! Mu’n ruith ceithir uaire fichead, bithidh e air rathad an aithghearra dh’ ionnsaidh fearann brucach a’ dhùthcha, far nach cluinnear an còrr mu dhéighinn. Ach ma tha ciste-laidhe ri dheanamh, cur ann an earbsa Dhunoidheis e.”

******

An ceann tacain, thainig Godo far an robh Dunoidheas a’ feitheamh aig taobh-àrd an t-Straind.

“Chaill mi fàireadh air,” fhreagair Dunoidheas ri feòrach an fhir-eile, “is e dol a-stigh do bhùtha Mhic Fhraing.”

“Cha’n urrainn e móran a dheanamh an sin,” thuirt Godo.

“Cha mhionnaichinn as a’ sin,” leasaich Dunoidheas. “Cuimhnich gu’m faod e ti’n tarsuinn air an Domhnullach a Parais, teachdaire nan Stiùbhartach; air tha h-uile collas air gu’n coinnich iad. Ach stad ort! Na ghabh thu an t-amharus riamh gu’ bheil fios aig Ualpol gu’ bheil an Domhnullach an Lunnain, agus—a’ chuid a’s miosa—dé is ceann-uidhe da?”