Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/115

This page has not been proofread.
97
EARRAIG CHEILIDH

“Air ar ceannach?”

“Air ’ur reic!”

“Cha do dh’aithnich thu air an Domhnullach gu’n cual e nì ’sam bith mu’n Phrionnsa Frederic, a-thaobh a’ ghnothuich so?”

“Cha do dh’aithnich nithinn. Bha sinn mar gu’m biodh dà cheannaiche. Cha robh guth no gabadh againn, ach air duais is airgiod.”

“Coimhead air so,” arsa Godo fo anail. “Is e Iain Tolmach an aon fhear aig a’ bheil fios air dé an cùnradh tha eadar am Prionnsa Frederic ’s na Stiubhartaich, a-chum a chòir ’san rìoghachd iomlaid. Cha’n fheum sin a dhol na’s fhaide. Gheibh thu leisgial air frithealadh freagarrach a thoirt ’na charaibh. Tha’m Prionnsa airson a chasan a leigeil leis. Ach ma gheibh e as, ’s e mise ’s tusa a chreanaicheas air. Cha’n’eil na’s fheàrr na brod airson diomhaireachd a chleith.”

“Bheir sinn giorra na slighe do Hampton da,” fhreagair Dunoidheas, ’se tionndadh air falbh; is bha manadh dò-bheairt ’na ghuth.


V

Chuir Iain a’ chuid eile dhe’n oidhche seachad ann an seòmar os-cionn bùtha-ghunnachan Mhic Fhraing. Bha iad ann ceathrair: Mac Fhraing fhein le ceann liath, is sùile biorach fo mhùgan mollach; Aonghas Domhnullach, toscaire nan Stiùbhartach a Parais, le peirceal lom; is aghaidh fhlathail far nach fhaicte claisean na seòltachd a’ falach; lasgaire de dh’Eirionnach, nach robh buileach cho seòlta, ach do’m b’aithne cnò a

F