Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/117

This page has not been proofread.
99
EARRAIG CHEILIDH


bheireadh oilbheum dha, tachairt ris. Is ann a thainig amharus ’na inntinn gu’n d’rinn an té a thug am fraoch dha, cùis-bhùrta dheth. Ach mu’n d’fhuair e fonn air a thogradh, bhoisg lainnir chlaidheamh an cùil, is leum triùir da ionnsaidh còmhla. Na’m b’e feachdaire gun oilein a bha’n Iain, thainig na gheall Dunoidheas da thaobh, gu crìch obainn. Ach chunnaic Iain a chunnart, is fhuair e chùl ri balla mu’n a sheall na milltearan bhuatha.

Bu mhath dhà-san gur h-e an t-Ogha Mór a theagaisg cleas a’ chuinnseir dha, neo chuireadh as da leis a’ chiad dubadh.

Dh’fhàs a shùil cho biorach ri sùlair’ os-cionn cal’ fhaolag; thainig spionnadh gun sgìos ’na fhéithean; dh’fhuaraich an eanachainn aige le cuimse na strìth, ach thug ìochd an dioghaltais tòic ’na chridhe. Bha bàs gun mheachainn a’ feitheamh an fhir a chailleadh a lùghs.

Cha robh duine ri fhaicinn air fàireadh, no idir fagus daibh; neo tharruing gliong nan claidheamh a’ làthair iad. Tha chollas, co-dhiùbh, nach b’e fùidsearan gun sgil a thug làmh air. Oir ged a chaidh aig air an cumail dheth fhathasd, bha iad a’ seachnadh ruigheachd a chlaidheimh. Bha ’nam beachd a chlaoidh a chum a bhi cinnteach as an obair. Thuig Iain so cuideachd; ach cha robh seòl air a leasachadh. Na’n tigeadh iad faisg gu leòr air, gheibheadh e chothrom orra. Ach cha b’urrainn e chùl a thoirt bho’n bhalla, gun e fhein a thilgeil ’nan làmhan.

Chaidh còrr is leith-uair seachad gun bhuannachd ri