Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/121

This page has not been proofread.
103
EARRAIG CHEILIDH


nan Gaidheal a’ tighinn; is thug e mar earras do Mhairearaid,—air a leaba-bhàis—i cunnartan a’ ghluasaid a chur air mhanadh, far an ruigeadh a treòir ’sa buadhan air.

Cha do mheall i an earbsa. Oir mu sheachd bliadhna an déigh na nithibh sin tachairt, bha i fhathasd gun phòsadh; is i a’ deanamh teachdaireachd dhiomhair a-measg nam fineachan Gaidhealach. Bheìr bristeadh na sgeòil tha romhainn aithris mar a thog i ceann.