Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/122

This page has not been proofread.

CUILTEARACHD

Tha’n coileach fialaidh mu chuid an eich

—SEAN-FHACAL


Mur do thog mi Iain Pìobaire ceàrr, bha gnè de dhùil aig an Ridire Tholmach ri Mairearad. Ach ged a bha e eòlach cheana air ’na bha fo’n ian aice, cha do thuig maor no nàbaidh có an taobh a ghabhadh e ann an gléus nam fineachan.

Bha Foirbeasach Chul-odair trang is dùrachdach a’ ciallachadh nan Ceann-feadhna, far an amaiseadh e orra le teumachd beòil no teachdaire. Ach bha dithisd air nach d’rinn a chasaid ach glé bheag deargaidh—Mac Leòid Dhun-bheagain agus an Ridire Tolmach. Dh’fhaoidte Domhnullach Shléibte chur air an ràmh chiadna riutha, na’n robh an aigne aige fo’n aona seòl iomairt.

Cha do chleith eachdraidh an cnàmhan doilleir a bha eadar Domhnullach Shléibhte, agus Mac Leòid. Bha piuthar an Domhnullaich pòsd’ aig an fhear eile; ach ma’s fior na dh’aithriseadh, cha b’e duais nam ban a shealbhaich i còmhla ris.

Ged a bha Anna Dhomhnullach air slighe nan taibhs bho chionn iomadh latha, bha grùid na corruich, a chuir a droch ghiollachd air a bràthair, fhathasd air a shiubhal gun sìoladh. Is cha b’ann aon uair a thainig e faisg air buaireas-fola thogail eadar an dà