Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/129

This page has not been proofread.
111
CUILTEARACHD


a’ sparradh, “nach’eil an t-Ogha Mór is Iain Ruairidh ri obair oidhche tha ’g aomadh oigridh a’ chinn-ìochdraich gu aobhar nan Stiùbhartach. Is ged a chanas an Ridire ’n dràsda ruinn gu’m bìth na Tolmaich air taobh a’ Chrùin, tha eagal orm gur h-e Iain Ruairidh am fear a dhearbhas a’ chaochladh.”

“Iain Ruairidh,” dh’aithris Mairearad. “Có esan?”

“Freagraidh mise sin,” thuirt an Ridire. “Sin agad-sa mac bràthar domh——”

“Esan a bha Lunnain mu sheachd, no h-ochd de bhliadhnaidhean air ais,” bhrist Mairearad le ùidh nach do thog amharus.

“Dìreach,” fhreagar an Ridire. “Cha deachaidh gnothuichean an sin leis. Oir thìll e dhachaidh; is cha tug e làmh air nì a chruthaich an t-saoghal, ach ag iasgach ’s a’ dol mu’n cuairt còmhla ri muinntir eile ’n àite.”

“Airson na bha dh’fhios agad-sa air,” leasaich Mungan. “Ach cha b’ann na thàmh a bha e idir. Cuiridh mi mo chluas air a’ gheall, neo cha’n’eil eadar an Aird is Rudha na Caillich a dhiùltadh buille far am biodh an t-Ogha Mór is Iain Ruairidh ’ga tagairt.”

“Ah!” thionndaidh Mairearad mar gu’n tigeadh rud ùr ’na h-inntinn. “Có aige tha cumhachd an rìgh anns an Eilean Sgiathanach?”

“Có is mór-mhaor a tha thu ciallachadh?” thuirt Mungan. “Ma ta, ìnnsidh mi sin dhut: Mac Leòid Dhun-bheagain, nuair a thig e do Phort-rìgh.”

“Tha e agam,” arsa Mairearad. “Agus mar so. Tharruing Iain Tolmach a chlaidheamh air a’ Phrionnsa