Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/130

This page has not been proofread.
112
AN T-OGHA MOR


Frederic, is theich e fhein is Mac Neacail a Lunnain an déigh dithisd dhaoine mharbhadh. Feumaidh Mac Leòid an lagh a chur an géill is Iain Tolmach a thoirt gu binn. Tha e mar fhiachaibh air an Ridire Tholmach am fios sin a chur a dh’ionnsaidh Mhic Leóid. Saoilidh mi nach caill fear seach fear agaibh air an earail.”

“Cha bu toigh lium gu’n éireadh gu h-olc dha fo’m làimh-sa,” thìll an Ridire.

“Cha’n’eil àrach, no dol-as agad air,” thuirt ise. “Oir cha’n éirich gu math dha, co-dhiùbh ni thu do dhleasanas no nach dèan. Ma dhiùltas thu, nach’eil e soirbh gu leòr dhut tuiteam far an seas thu?”

“Tha Nic Uaraig ceart,” dh’aontaich Mungan. “Bu chòir fios a leigeil gu Mac Leòid gun dàil. Nach math a thigeadh an turus ri Rob Crotach. Chanainn,” thuirt e an déigh stad beag, “nach biodh e idir na chall do dh’oighreachd an Tolmaich, an t-Ogha Mór a bhi as an rathad. Chunnaic mise latha anns nach robh urrad de mheachainn anns an Ridire Tholmach. Dé eile ni thu ach an t-Ogha Mór fhaotuinn as an rathad?”

’S e bhuil a bh’ann, nach fhacas na bu riatannaiche na fios a chuir a dh’ionnsaidh Mhic Leòid Dhun-beagain, mar a bha gnothuch ’san t-Strath. Thainig iad co-dhiùbh do’n cho-dhunadh gu’m biodh e iomchuidh an t-Ogha Mór a thoirt fo chuing an lagha aig an dearbh àm ud.

Chunnaic an Ridire,—na’n d’rachadh leotha—gu’n cuireadh e gu math a-stigh ris fhéin. Agus ged bu