—air mo shon-sa. Falbhaidh tu, Iain, mar a dh’ fhalbh t’athair romhad—ag éisdeachd ri bàs-bhraoilich an nàmhaid. Na biodh uaill no cùram ort. Cluich port do chridhe. Bidh Eilidh cho dìleas dhut ’nad bhàs ’s a bhiodh i idir, ri d’ bheò. Seinnidh mi t’òran dith, agus ni sinn faire airson nan làithean goirid, agus nan làithean fada, agus tilleadh birlinn nam fear sgairteil. Théid sinn le chéile sìos do’n chladach, agus ni sinn éisdeachd còmhla ri sgiala trom-làn na mara, agus ri gàire faochanach nan tonn bristeach. Agus a-rithisd, nuair a shéideas a’ gharbh-ghaoth bho thuath, ruigidh sinn Rudha Laobhrais, agus éubhaidh sinn ris na stuaidh thulgach ’san dol seachad—am b’ fhios dhaibh ciamar a ghleachd Iain Ruairidh, agus a thuit e mar ghaisgeach? Agus freagraidh iad le àrd-ghuth farumach—‘Thuit e an toiseach a’ chatha, ’s cha robh fear eil’ air blàr cho tréubhach ris!’”
Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/142
This page has not been proofread.
124
AN T-OGHA MOR