Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/143

This page has not been proofread.

AN DEALACHADH BEO

Cha tug e cùl ri nàmhaid, no caraid

—SEAN-FHACAL

Cha’n’eil ach mu chóig bliadhna-fichead bho’n a bha Iain Ruairidh ’na luidreagan beag, tubaisteach a’ ruith an coinneamh athar. Tha e nise ’na shlinneanach mór, trom; is e duineal mar bu dual. Theireadh bial-gun-fhàitheam gu’n robh e tuilleadh is socharach. Ach—mar a thuirt Raitean, an àit’ eile,—éirigh tonn air uisge balbh; is cha bhiodh e mar a chuid fhein do’n fhear sin a chuireadh togail air.

Bu dhalta do dh’Fhear-a’-Choire e, no an Ridire Tolmach mar a cheadaich an dàn. Ach ma chuirear sgial air fìrinn ’s e bh’ann mac a bhràthar—esan bu shine, agus air an tainig tathaich a’ Mhoisein.

Mar a shéideas a’ ghaoth, ’s ann a thuiteas a’ chuiseag. Is mur nach robh bàs duine gun ghràs duine, bha Iain Ruairidh ann an comaine chàich; is seilbh aig seòltachd air cuid athar. Thainig air iomadach nì a dheanamh nach bu ghnàth da dhaoine. Ach is ro-mhath a thigeadh sin dà. Agus an uair a ghabhadh e fàth air iasgach nan loch no obair fearainn, cha shaoileadh neach eile gu’m b’e inbhe nan uasal bu dhùth dha. Bha iad, airson sin, a-measg a luchd-dàimhe do’m b’aithne na dh’éirich da—leis mu mhiann cothrom na h-éirig a thogail—ged nach do thagair e riamh an dearbhadh.