Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/144

This page has not been proofread.
126
AN T-OGHA MOR

Chunnaic sinn cheana gu’n robh e air meas an aghartais ann an saighdearachd Righ Seòras; mar an ciadna, na dh’aobhraich a dhìth-shuime, is a dh’éignich da an t-seirbheis sin fhàgail. Dh’fhaoidte nach robh an dearmad gun stàth, no an leisgial ann an da-rìribh buileach; cha tuigeadh fear eile chaochladh. Ach cha b’e sin barail Iain Phìobaire. Theireadh esan gu’n robh Ruairidh Tolmach, athair Iain, ro dhian air dlighe nan Stiùbhartach, airson a mhac a bhi claon ’na dhìlseachd.

Cha mhisd’ udalan mo sgeòil an dearbh shuidheachadh anns an d’fhàgadh Iain Ruairidh, a chur air mheigh. Cuiream mar sin ann an seanachas goirid e.

Theirte Fear-a’-Choire ri athair—Ruairidh Tolmach. Bha bràthair na b’òig’ aig Ruairidh air an robh Gilleasbuig. Nise, chanadh Iain Pìobaire gu’n d’fhuair Gilleasbuig an rud a tha’m Fìneach làn deth—seadhachd. Cha do thaobh, ’s cha taobhadh Ruairidh ri céinich Hanobhair. Thigeadh sin ris mar a rinn togradh nan Gaidheal r’a latha. Is an uair a thainig am fios ’na rathad, gu’n do thog Iarla Mhàirr bratach nan Stiubhartach ri crann, cha bu ruith ach leum leis da h-ionnsaidh.

Dh’fhuirich Gilleasbuig aig baile gus an tainig rath air a ghur. Nach do chaill saoidh, toradh na caonnaig air Sliabh-an-t-siorraim? Bha lagh ’san àm nach leigeadh éuchdan Ruaraidh Tholmaich seachad, le fuath, a-mhàin. Bha rithisd dòigh air aithris nan éuchd sin, a thoirt far an tachradh duais air saothair. Fhuair Gilleasbuig alt na dòghach ud le riadh, is oighreachd a bhràthar còmhla ris.