Chaill Ruairidh Tolmach, air a’ mhodh sin, a chuid de’n t-saoghal. Ach ged a bha e ach gann fo na choill, cha d’thuirt e riamh, ‘gu’m a h-olc,’ mu bhràthair.
Mar is minig a chualas e canail: ‘An rud a thig leis a’ ghaoith, falbhaidh e leis an uisge; ach as aonais cridhe aon-fhillt agus cogais ghlain, tha rìgh ’na thràill, is tràill’ na rìgh, ma’s cuid dha iad.’
Bha dhol-a-mach ann an éud deadh-chliù nan Gaidheal, gus na chuireadh-as da, is e tuasaid ri Abraich a thog creach bharr na sgìre. An déigh sin, ghabh Gilleasbuig, bràthair-athar, àrach Iain os làimh—an t-aobhar airson an d’thuirte, ‘dalta Fhir-a’-Choire’ ris.
Shuidhich an Ridire Tolmach gabhaltas Eilean Scalpaidh air Iain, nuair a dh’fhàs e suas; agus chuir e, ri tìd e, gu ruig an t-Arm a Shasuinn. Fhad ’sa bha Iain air falbh, bha mhàthair a’ fuireach ann am bothan ris a’ chladach fo Thigh Mór Laobhrais—an rud a rinn esan, air dha an t-saighdearachd fhàgail. Agus bha e sona gu leòr le chrannchur.
II
“Siubhad a-nise, Iain; thoir làmh air do shuipeir,” thathuinn a mhàthair ris, ’si sgioblachadh na poit-lite leatha gu taobh shuas an teinntein. “Ged is beag mo chàil ri ceann-uidhe do thuruis,” lean i oirre (eadar stuigeadh is càineadh), mar as a tomata-tà, “’s fheàrr dhut a bhi ’cur mu d’chaiseart. Na iarr an tuilleadh tathuinn. Bi na bad, a chuilein! Tha’m bainne fhathasd blàth ’se air a shìoladh. Siubhad! Bi tapaidh!