Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/151

This page has not been proofread.
133
AN DEALACHADH BEO

seasgair; is esan gu brogail, beurrach ann an ceann a sgeòil.

Mar bu trice, ’se ‘Creach nan Abrach’ an sgial mu dheireadh. Agus, mo ghealladh! cha robh aire ’san éisdeachd air seachran. Rachadh an cadal an iomrall air gille-beag nan casa rùisgte, ’s e ’na chrùban ris a’ phoit-ghuirmein, nuair a beothaicheadh an seanachas air togail na ruaige. B’aithne dha gach lod as na chuireadh steall ag iarraidh lorg fir Lochabair.

Mun do dhùisg mnathan a’ Chinn-ìochdraich as an ciad-chadal, bha teachdaire mabach, is anail ’na uchd, mar a thuirt Iain, an déigh ruith air a’ bhaile. Eadar Cul Achadh na Beinne, far an gairmeadh na cearcan-tomain, is Lusaidh lìonagach a’ chorrain ghuirm, cha robh aig tigh nach d’rinn air aiseag a’ Chaoil. Thainig luchd-na-tòir’ air na h-Abraich aig bothag Rudha na Caillich, far an robh gille-bàn Lochabair, a’ deanamh garadh-cùl-chas. Am bad a’ chéile bha na fir. Chaidh a’ chaonnag le na Strathaich; ach thuit Ruaraidh Og air a bhlian; is buille-biodaig air a shiubhal, a dh’fhàg tobar gun traoghadh ’na sgamhan.

“Mo laoghan esan, thuit!” dh’achanaich an t-seana-bhean is [1]criodhanadh an aoig ud a’ ti’n as ùr fo h-aire. “Ged a thainig orm ’na thainig,” ars’ ise, ’s i toirt sùil na h-ionndrain air Iain, “is e nochd uair mo dhiachainn. Ochan! mo thruaighe ’s e!”

Ma bha mhàthair a’ cur nam both dhith, cha do leig Iain móran air. Cha b’ann oirre buileach a bha ’n aire aige ’n ceartair. Nach robh Eilidh a’ ti’n eadar

  1. diachainn ghoirt