Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/153

This page has not been proofread.
135
AN DEALACHADH BEO


air a’ chrogan, “cha mhisde feachdaire sian air. Dean suidhe.”

Mar a dh’aithriseadh cheana, bha Iain a-nise fo làn-armachd.

Shuidh e, mar a dh’iarr a mhàthair air—eadar an teine ’san dorus. Is cha luaithe shuidh na chrath ise boiseag an déigh boiseig de dh’uisge chrogain mu cheann ’s mu shlinneinean. Thigeadh neo nach tigeadh rath da guidhe, cha robh duan a h-eòlais gun bharantachd:

Chaidh Iosa air turus a-mach, is
choinnich air fògrach fann:
Thog E boiseag de dh’fhuaran glan,
a chrath E bho bhonn gu cheann.
Thuirt e: ‘Saor bi bho chron; cha’n
fhaigh naimhdeas lanna ort buaidh.’
Mar a rinn thus Iosa sid, dean
mar an ciadna so!

Dhrùigh saobh nam briathran ud air Iain mar mholadh bàird air leannan. Dh’fhàg e beannachd aig a mhàthair; is rinn e air a’ chladach (far an robh an sgoth chaol ri port), is ceum caora-nollaig aige. Oir dh’earb e ri Eilidh, gu’n leigeadh e fios do Ghilleasbuig Mac an Tòisich, is Alasdair Aonghais, a choinneachadh aig ìochdar Aisig.

Mun gann a ghabh ianlaidh nan sgrota sgèan, bha Iain, is bréid beag ri crann aige ’togail na Sgeire Góbhlaich eadar e is Eilean-na-ruadhach.

Cluinnear fhathasd mar a chaidh a thurus leis.