Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/156

This page has not been proofread.
138
AN T-OGHA MOR

sheallaidh aig Gilleasbuig. Biodh sin no a’ chaochladh. Ma’s briag bhuam e, ’s briag thugam e.

Bha’n t-àite ’san t-àm a’ co-fhreagairt. A’ beàrnadh lias an adhair gu mùgach ’san iar orra, chìtear cinn-leacan nam marbh an cladh Aisig—iad a’smèideadh air fir-thalmhaidh ann an tréun a’ neairt; is air clann nam fonn ann an gnàth an subhachais. Fad-as is cian, far an caill sùil a treòir ann an gorm nan astar, bha’n Grioglachan priobach an sid a’ caithris; is e trang ag àireamh triall nan anam a fhuair crioch an dàin roi’n mhithich.

“An aire, có dha?” dh’fharraid Alasdair an ceann tiotain. Oir, a-chionn gur buidheach an Sealbh dhe’n fhìrinn, is ann a thug [1]ìanraigean Ghillesbuig gnè de dh’athadh air.

Ma chuala Gilleasbuig briathran an fhir eile, cha tug e cluas dhaibh. Ach có cho saoghalta ’s a thigeadh eadar an taibhsear ’s e ’deanamh fiosachd?

Thuirt an seann duine gu’m faigh baobh a guidhe; ach thig am Fear-mór as na fhriamhaichean le oillt a tagraidh; mun toir cràinn a buidseachas gu ìre, iarraidh i talamh is adhar, uisg’ is teine, air dhòigh a dh’fhàgas a dol-a-mach ’na chùis-uamhais iomlain. Cha’n e sin do’n taibhsear e. Tha esan ainmeil ann an seadh eile. Gun ghuth-mór, no droch fhacal, bheir e theachdaireachd ann am bith. Cha téid e an eisimeil manadh uaignis, no cuilbheairt. Thig fios-nam-fàth ’san amharc aige—cothromach, soilleir; is chi e le sùil a’ chuirp—fada mun tachair e—gach gnè tubaiste, ’s iad a’ gabhail an

  1. seòl-dòghach