bhata, gean-gàir’ air an gnùis, ’s gun fiacail ri fhaicinn ann an dorus am beòil.
Ach cha’n ann air a’ mhodh so buileach a chuir an t-Ogha Mór an cruth iad anns an eachdraidh a thug e. ’S ann dha fhein a thigeadh a dhol an dàil blas chainnt. Oir dh’aidich Mac Mhaighstir Alasdair nach do thachair riamh ris a bha na bu deise gu fuasgladh facail na esan.
Feasgar fann Foghair—eadar cur is buain—gheibhte e ’ga ghrianadh fo Chreagan-an-Leabhair, far a-minig a sheas Maol-righe bho chian, is e a’ cur tagairt a’ Chruinn-Céusaidh air sgial-aithne do chinnich nan Druidh ’s nan Crom-leac. Tha esan is iadsan air slighe na fìrinn—deanntag ri’n cluais anns a’ chìll ud thall; ach tha—mar a bha ’s a bhitheas—ionadan an cuairt gun dol gun tighinn.
Bu ghasda ’n duine, an t-Ogha Mór. Ged a theireadh cuid gu’n robh e car aon-fhillte, bha iadsan a fhuair eòlas ’na thigh air, a’ mionnachadh gu’n robh e cho fada ’s a’ cheann ’s a bha Fionn ’s na casan. Nach iomadh cas fhliuch is suipeir fhuar a bh’aig Alasdair air tàilleabh a chéilidh air.
Bha nàdar agus an t-Ogha Mór glé àraid. Agus nuair a thigeadh dha a dhol air gléus òrain, chitheadh meanma, sgàilean nam bàrd mu’n fhuaran cruinn; is cuach nan dàn bho làimh gu làimh ’ga sìneadh dha.
Dh’fhàs a dhuan mar leannan-sìthe, ’s i dùsgadh ann an cluan nan osag cheòlmhoir. Fad réis a sheallaidh bha e deanamh taoibh ri glòir-mhaise nam beann ciara; is té mu-seach dhiubh a’ togail fàiridh air tannais nam fireach fuara, nuair a dh’iathlas iadsan bho