ìnnse dhuinn dé th’aig Iain ri earbs asainn.”
“Aig an t-Sealbh tha brath!” thuirt Iain. “Ach tha mi taingeil gu’n a ghléidh sibh biodag is claidheamh, dh’aindeoin faiceall a’ Choirneil Cléutain, agus earraidean mosach Reachd-an-di-armaigh. ’S mo mhollachd air a goistidh!”
Bheir iomradh air an fhear-Airm so, ar n-aire dh’ionnsaidh an Reachd Parlumaid a chuireadh ann an cleachdadh airson smachd nan Gaidheal, an dèigh aramach na bliadhna 1715. Mar is aithne dhuibh, bha luchd-riaghlaidh an lath’ ud de’n bheachd, nach robh dòigh air na Gaidheil a’ chumail fo chron, ach an inneil-chogaidh a thoirt uapa.
Ann an seadh, chaidh so a dheanamh cho fad ’s a chitheadh sùil e. Ach a-chionn nach robh trusadh nan arm, ach sgaoilte neo-mhean, bha’n tuilleadh mór am falach, na chruinnich òr an rìgh. Is e bhuil a bh’ann, gu’n d’fhuair bliadhna nan gràs 1745—anns na ghineadh brìgh ar sgeòil—airm-chatha measg nan Gaidheal na b’fheàrr, ’s na bu lionmhora na bha iad riamh. Is e so, agus cion-faicill saighdearan ruadha Bhearnaraidh, a b’aobhar gu’n robh Iain Ruairidh ’s a dhà charaid, ann an culaidh-airm cho achdainneach.
III
Air dhaibh beum a thoirt a sid agus a so, dh’innis Iain rùn a theachdaireachd. “Cha’n’eil [1]plaighriasg anns na dùthchannan, a tha aineolach air teabadaich Fhir-a’-Choire,” chum e air aghart. “Ged is dleasal ainm dhomh-sa, tha car ’s an Ridire
- ↑ slpeadhaire