robh Gilleasbuig greis mun tainig thu—’ga aonagraich ann an leaba na fiosachd. ’S e so is coireach gu bheil e, an dràsda ’s a-rithisd, a’ gabhail gnè de bhrath air a chàirdean. Ma thug e aithris, mar sin, air cnag do ghnothuich, cha bhial saoghalta chuir fios nam fàth ’na chluais. Nis, Iain, tha mi làn chinnteach nach ann air ghogaireachd a tha thu fhein, no sinne mu’n taca-so dh’oidhche. Ma tha t’agairt air slighe ceartais, tha so aon fhear a sheasas ri d’ghualainn.”
“Agus so fear eile,” dh’aontaich Gilleasbuig. “Leig rùn ’nar cead, Oir tha’n oidhche ruith; am muir a’tighinn; is fir eile cur an airm fo uidheam ’s a’ feitheamh fios-coinneachaidh.”
Nach mi tha buileach ann ’ur comaine,” labhair Iain an cois na brìgh-chainnt earbsach a chuir a dhà charaid, air caochladh dòigh, mu choinneamh. “Cha’n ’eil sibh idir dhiùbh-san a ni mire ri brosgul. Ach tha mi’n dòchas, ged bu mhór an t-aobhar uaill e—gu’n cuir mi an còrr mar fhiachaibh oirbh, na nì sam bith a thagrainn a-thaobh dàimhe, no eòlais. ’S e fonn freagarrach a ni an cridhe tais. Thug mi facal air biodaig gu seasainn Oighre dligheach a’ Chruinn—ge b’e dòigh, no slighe air an tigeadh sin orm. Is math a dh’fhaoidte nach bi m’oidhearp ach cearbach: có aige tha brath? Ach tha e agam ri dheanamh. Am bheil sibh lium? Oir is turus-cunnairt e a dhùisg gu tric ar miann. Am feadh ’s a tha sinne còmhradh ann an so, tha Rob Crotach—fear-turuis cho gléusda ’s a chaidh riamh an ceann seanachais—a’ buinneig Dhruìm-nan-Cleòc; is e a’ deanamh air Caisteal Dhun-bheagain cho luath ’s a