bha collas nam fiannaichean! Bhiodh iad mu choig-bliadhna fichead a dh’aois—agus, mar sin, ann an treun a’ neairt.
“Nach bu gharbh an fhead a rinn Iain Ruairidh a-nochd?” labhair Fearchar Somalta; oir, a-chionn ’s gun d’ rugadh esan mu Bhealltuin, is càch eadar sin is deireadh an Fhoghair, bha dànadas ceann-seanachais an còmhnuidh ’ga earbsa risean.
“’S e ’n fhìrinn is leannan dhut,” fhreagair Iain-Bàn-na-fiaraig le altrapadh, ’s e teannachadh a chrios-claidheimh mu mheadhoin. “Air m’ anam, tha mise clì, neo bi fear is fheàrr againn an geall na’s fhiach e, mu’m faic sinn ceann ar teine fhin a-rithisd.”
“Gonadh ort fhein ’s air t’ aibhseachadh!” thionndaidh Domhnull-nan-guidheachan is greann air. “Cha’n fhacas riamh aig mòd, no céilidh thu, ach air taobh a’ chladha. Na meal do naigheachd, a charaid. Far am bìth sinn, bi sinn ann, mar a thuirt an gobha ris an t-sradaig.”
II
Dh’aindeoin cath-bruidhne bha eatorra, cha chualas guth mór no droch fhacail bho’n fhear bu treuna barail diubh. Ràinig iad Creagan an Leabhair, an t-àite còmhail, gun ceum a shìneadh. Ach cha robh sgial air Iain Ruairidh, no duine ri fhaicinn.
Ghabh iad annas nach bu bheag; oir cha robh mearachd sam bith anns an fhios a ghairm a-làthair iad. Dé nise bu choireach nach robh am fear-iùil air an coinneamh? Ma ghlac cion-furuis thu bidh tu sin, ’s gun fios agad. Ach ma tha gnè an t-saighdeir annad,