Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/178

This page has not been proofread.
160
AN T-OGHA MOR


Tigh Mór, Laobhrais; is a sin gu tigh Iain Ruairidh, far an tric gu leòr, a bhiodh gnothuichean àraid eadar e fhein is Iain. Ach cha bu dhroch chosnach airson sin e.

Thachair dha bhi air an rathad bho’n Mhaodlaich ’se buain caoil cléibh, nuair a thainig na marcaichean tarsuinn air aig taobh Aisig dhe’n Allt-mhór. Thug iadsan an aire do Raitean cuideachd; ach, aig an àm, cha do chuir iad an còrr na sin de dh’ùidh ann.

Shaoileadh fear-coimhid gu’n robh iad a’ togail an inntinn ris an àite. Oir ’se sin gnàth gach coigreach a thainig riamh a’rathad—gu h-àraid, ma tha bheag no mhór de dh’fhios a’ bhàird air a shiubhal.

Bha’n slios air na thachair iad freadharcach ri muir, is monadh. A-mach bho Bhial a’ Chaoil, ’sa sìneadh gu tuath, bha Linn’ Ailseach ag iarraidh mu lùban na Comraich; ach ghabh Crólain fàth air an dealachadh; is ghiùlain e ainm nan stuadh, gus na chuir eich-ghlasa Cuan Leódhais stad air. Taobh eile na Linne; ’sa sìoladh an ear, bha uchdanan dùmhail Chrombaidh a’ fàgail an t-seallaidh. An Ear. Tha’n t-sùil ag iarraidh a-ghnàth do’n Ear, far an tuit ceum-coise ’san oidhche le sgìos. Thainig tàibhsean bho’n Ear; is sgeoil nan éuchd bho’n Ear. Thall ’san Ear, ann an cian an astair, bha dachaidh-gin aig saoidh nan lann; is bu lionmhor àiridh anns an cluinnte fonn nam bàrd air mhire.

Ach bhrist an smuaint a sgiatha, is ghlac an cruth-leathaid fo’n sùil an aire.

Bha ìochdar Aisig mar bhrat fuamhair, a’ sgaoileadh ri oir an fhirich; coill’ ioma-chraobhach dhlùth ri