is mheòraich e bho sin, nach robh i idir cinnteach as a slighe.
“Mur a h-’eil mo thogair,” rùnaich e le guidh’ air a theangaidh. “’S e so am fear a tha cearta-coma. Nirre! Mun blais bigean air boiteag na maidne, gheibh mise geinn a sgoltas déile.”
Dh’éirich gealach air Port-Nogaidh,
’S chaidh i fodh air Port-nan-Long.
Théid an ceòl air feadh na fìdhle
Nuair bhios mi-rùn air a bonn.
Sid a——
IV
Thainig an dithisd mharcaichean air ann am bristeadh an fhacail. Cha robh doicheal, no gealtachd fuaighte ri Raitean. Thug e sùil, gun a bhi ladarna air a h-aon mu seach dhiubh.
Shaoil e gu’n robh ’nam beachd cumail seachad; oir sheas e gu taobh. Ach an àite sin, stadadh an dà each, ach gann air a bhialaobh. ’S e bhana-mharcach a b’fhaide bhuaidhe—rud a chuir e ’na fhaiceall.
“Ken ye they pairts, laddie?” dh’fhoighnichd gille ’n eich ’s a làmh air a chruachan.
“An diabhull e!” mhionnaich Raitean mar ris fhein. “Nach ann air a tha gnos a’ mhadaidh. Cha tainig fuaim de’n t seòrsa sin a bial duine ceart riamh. Nirre! “’Se deanamh glag ghàire nochd gith fhiacal a dh’ionnsaidh nan cùlag. “Cha’n’eil fios de ghaoth tuath thug an rathads’ e?”