Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/196

This page has not been proofread.
178
AN T-OGHA MOR

Thuirt mo sheanmhair gu’ bheil cogadh mór a-tighinn. Théid na fineachan an aghaidh a’ chéile. Is——”

“C’arson a chuireadh Rob Crotach sin air falbh do Dhun-bheagain?”

“An dubhairt thu rud? Nirre! Mar a dh’innis Eilidh do dh’Iain Ruairidh e—dìreach, airson spòg na h-iolaire chur ann an giùran an Ogha Mhóir.”

“Có h-anns an Ogha Mhór.”

“Thig oirnn le d’ mhathas! Nach tu fhuair sgoil gun ionnsachadh. An t-Ogha Mór? Sin agad-sa Mac Neacail, Fear Aird-nis; is bàrd cho math ’s a rinn òran.”

“Mac Neacail?”

“Seadh! Mac Neacail. Is tha’n Ridire Tolmach airson cur-as da. Oir tha fearann aca crìochadaireachd.”

“An e sin uil’ e?”

“Theagamh nach e. Cha’n’eil mi ’ga thuigsinn ro-mhath. Ach tha iad a’ canail bu gheil an t-Ogha Mór a’ teagasg cleas nan arm do dh’òigridh ris a’ ghealaich air Oitir Aisig.”

“An d’rinn thu ach sin a chluinntinn?” dh’ fhoighnichd i ’sa cluas a sìor bhiorachadh.

“Chunnaic mi cuideachd iad,” fhreagair Raitean air bheag tuaiream a-thaobh cunnairt na rinn e bhrath.


III

Bha fios aig Mairearad cheana, gu’n robh Rob Crotach air an rathad gu Dun-bheagain; agus, mar an ciadna, na dh’earbadh ris. Oir, ged nach tug Eilidh tarruing air ri Iain Ruairidh, bha i ’san éisdeachd, nuair a rùnaich