Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/197

This page has not been proofread.
179
FOILL, IS A’ MHOINTEACH-MHOR

an Ridire Tolmach, rioba thoirt mu cheann an Ogha Mhóir. Ach cha tainig e riamh na h-inntinn, ni momha a bha fios aice, gu’n robh an duine còir ud cho oileanach, measal ’san dùthaich.

Cha robh i aineolach, airson sin, air an dùrachd anns an robh na Domhnullaich, is Clann ’ic Leòid da chéile; is, aig an àm chiadna mar a bha Foirbeiseach, Chul-odair, ’gan cumail air féill na sìthe. B’e rian a turuis e. Ach mhothaich i gu’n robh cunnart na falloisgeir a-ghnàth ri sheachnadh, fhad ’sa bhiodh fear, le [1]goilean, a’ gréidheadh na fianaich thiorma.

Bha aon nì sònruicht a dh’fhiosraich Raitean dith; is e sin, nach robh earbsa ri chur anns na Tolmaich, gu’n leanadh iad stiùireadh an Ridire aig cromag an dearbhaidh. Oir ma bha òigridh na sgìre ri oilean-armachd ’san uaigneas, le comaradh Mhic Neacail, cha bhiodh sin gun fhios do dh’Iain Tolmach. Is bha gach collas a-nise gur h-ann an aghaidh a Chrùin a’ rachadh a thogradh-san.

Dé air a’ mhodh sin a bheireadh Iain Tolmach gu ruige Dun-bheagain? An ann airson car-mu-chnoc a dheanamh air Rob Crotach? No, an robh e ’na rùn Mac Leòid iomairt da thaobh?

B’iad sin na ceistean air iomadh seòl, a bha ruith troimh inntinn Mhairearaid an ceartair. Is mur an robh a turus gu bhi an dolaidh, thigeadh e dhith bacadh a chur an gniomh.

Cheasnaich i Raitean mean air mhean gus an d’fhuair i mach na b’aithne dha mu Iain Ruairidh; turus Eilidh do’n tigh aige; dol fo armachd is an t-sian a chuir a

  1. àsaig laiste