Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/202

This page has not been proofread.
184
AN T-OGHA MOR

sinn, ciod e an dubh-fhìnid a bh’aig Mairearaid ’san aire. Air a shon-san, cha robh innt’ ach òigh air nach do dhearc a shùil da cuimir; is ged a bhiodh an uair, le aog ri chrudha, chuireadh e gniomh am beairt dhith.

Ach an rud air nach d’fhuair Raitean ceann, dh’fhàg e geall ’na eisimeil. Cuiream mar-sin, an t-soilleireachd, a rinn an t-Ogha Mór air, ’na chois.

******

Stéidhich eachdaire na linn ud, an t-ionad-casaid anns na chàraicheadh dol-a-mach Mhic Shimidh, ceann-feadhna nam Frisealach. Bha’n t-amharus, eadhon ’na latha, gu’n robh e, mar a bha Domhnull seòlta—a’ toirt sgairbh a creig da fhein.

Nuair a bhios Murchadh ’na thàmh bidh e ruamhar. Nuair nach biodh Mac Shimidh a’ cuideachadh aobhar nan Stiùbhartach, gheibheadh e fàth, is brosgul air flaithean-faire Rìgh Deòrsa mhealladh.

Cha robh ’na aghaidh nach gabhadh cothrom bacaig air. Ach ged a dh’fhèachadh ri thoirt am brath air caochladh seòil, bha fhathast fhacal cho buan ri ’leisgial. An tràth nach ruigeadh e ceann an teine aig uachdrain is tuathaich, bhiodh toscaire gléusda siubhal le fios-rùin bhuaidhe dh’ionnsaidh cumhachdan na tìre.

Ach a-measg na dhiùlt a bhi air an tàladh leis, bha Foirbeasach mór Chul-odair. Cha robh aig, airson sin, ach aithne gun fianuis air na bhathas a’ cur as a leith fhathasd. Ionnas nach cuirear gad air gealladh, cha deanadh sid cuis-dhìtidh. Is mar is fheàrr freasdal na dòchas, chuir e mar fhiachaibh air Domhnullach Shléibte,