Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/215

This page has not been proofread.
197
AN DROCH CONDRACHD

aon uair, no dà uair a thug i sàrachadh slighe dha. Oir ged a dh’ fhàg i fearann nam beò mu’m faca gineal a h-aomaidh an saoghal, bha iad air bhrath do’m b’aithne àbhaist a dol mu’n cuairt ’san spiorad. Chitheadh iadsan air an tuiteadh an t-anamoch i ’na guraban air bearradh os-cionn Ghlinn Shuardail, bréid air fiaradh mu ceann, is i turraman le truimead a h-àmhghair. Ach tha esan air nach d’ rinn ceann-seanachais iomrall, a’ toirt cunntais nach d’ rug an oidhche riamh air an Ridire Tholmach mu Chille-chrò gun bhoirionnach a bhi toirt tàire dha ann an caochladh riochd.


III

Ged a ghabh mi barr-ùine ’cur nam beachdan so air suim, thainig iad a dh’ ionnsaidh an Ridire cho grad ri lasair a adhar. Dlùth da làimh bha cheart ionad far na thàlaidh e Oidhrig le gealladh gaoil; agus am bothan beag anns an tug am bàs dhith faochadh bho eas-chliù a h-eiridinn. Ach am mollachd a ghuidh i air ùghdair a léiridh mun d’ fhàg i an saoghal, cha do leig a h-aon a chual e air di-chuimhn.

Ma chreidear iadsan do’m b’aithne beachd is beurrachd a chur an lùib bial-aithris, thainig buil air a mollachd fad lath’ agus linn. Oir cha b’e an Ridire Tolmach a-mhàin—ged a b’ esan an coireach—a chreanaich air tathaich an t-Sìthein. Ach bha ’n sgìre ’cur air a mhanadh gu’n deanadh i an gnothuch air uair no uaireigin. Is mar a bhios an uair a’ ruith gach duine, rug an dearbh smuaint air an Ridire, cia luath ’sa ghabh na h-eich a’ chiad chlisgeadh.