Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/219

This page has not been proofread.
201
AN DROCH CONDRACHD

Eilean Donnain fad-saoghail, thug mi sgial eile dhut. Leigidh mi mar sin cead t’aithis leat.”

Ghabh Mairearad amharus gu’n robh diomhaireachd fo’n ian aig a’ chaillich nach robh idir cneasda. Ach is beag a shaoil i gu’m buineadh a bhrìgh ri tùs a beatha fhein. Ma thainig treòir ’sam bith da ’rùn, ’s e gu’n robh an seann bhoirionnach ud air seilbh aobhar a ceann-uidhe, no ma-dh’ fhaoidte de ’n bharail gur h-i chuir crioch air an Ridire Tholmach.


IV

Dh’ ainmich Iain Pìobaire nach robh Mairearad idir duilich gu’n tainig bàs cho obann air an Ridire. Agus thug e am beachd mar an ciadna gu’m b’ urrainn a’ chailleach innse c’àit’ an robh i nuair a bha na marcaichean a’ dol seachad air eaglais Chille-chrò Oir cha do leig i riamh as a h-aire gu’m b’e foill an Ridire Tholmaich a chuir Oidhrig a h-ighean le cridhe briste do’n ùir.

Co-dhiùbh, dh’ fhàg Mairearad a’ chailleach ann am bun a’ chuirp. Ràinig i tigh Mhic Ionghuinn na h-Airde far ’na ghabhadh rithe le furan is briathrachas. Mun a thuit an oidhche rithisd air Glàmaig, bha i ’teannadh air Caisteal Dhun-bheagain.

Thng Iain Pìobaire an t-iomradh sin mar leisgial air na dh’ éirich do dh’ Iain Ruairidh. Tha e ri aithris cuideachd gu’n d’ rinn Mungan Tuathal a rathad do Dhun-bheagain air seòl eile. Oir b’ esan a’ mhàthair-aobhair a thog buillean na tuasaid eadar na Leòdaich agus Iain Ruairidh ’sa sgioba.