Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/22

This page has been proofread.
8
AN T-OGHA MOR

ri latha bàrr orra. Bha dithisd air an astar, co-dhiùbh, a fhuair am beachd sin, sùgrach ri altrum: Iarlom Mac Coinnich a Ceann-t-Sàile, agus Goiridh Mac Fhraing a’ Chaisteil Mhaoil. Bha iad le chéile ’n geall oirre—gach fear ’na dhòigh fhein. Ach ged nach deachaidh a toil ri rogh’ a teaghlaich, thaobh ise òigeir Chinn-t-Sàile.

Cha robh an t-aomadh gun fhios do Mhac Fhraing. Is an àite gabhail ri togradh an dàin le [1]déisthinn, rùnaich e dhol cala-dhìreach ’na aghaidh. Ach na’n do thuig e bhuil roimh’n mhithich, theagamh gu’n d’fhàs iomadh bachlag ’na aigne, mun do chuir e a rùn an géill.

B’ann air a’ mhodh so, a thug an t-Ogha Mór dhuinn eachdraidh. Dh’ainmich mi na nithean a thachair mar a chuir e fhein cainnt orra. Ach thug e tarruing air rud éiginn no dhà, a bhuineas do mhànran na corra-chagailte; is nach cuir call air meanglanachd mo sgeòil, ged a dh’ fhàgainn a’ [2]chosamail aig sìthichean beaga nan cnoc.

Bha nàbachd fearainn eadar an Ridire Tolmach is Mac Fhraing. Agus bu daor a chreanaich iad fhein is càch air an tuiteamas.


IV

Có esan an tìr nam beò anns nach’eil gaiseadh air choireigin?—Cha’n’eil e ann. Ni momha na sin a bha an Ridire Tolmach. Cha ’n e idir gaiseadh-bodhaig no inntinn a bha cur air; ach tuisleadh beag ris an canadh eòlaich, sannt an t-saoghail—sannt-fearainn, ma dh’ fheumair aideachadh. Fhuair e séilbh air na bh’aige, is tiotal còmhla ris, goirid

  1. tàmailt le àrdan
  2. rud millte