Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/223

This page has not been proofread.

CEOL NAN CLAIDHEAMH DEARGA

Ge b’e bhios na fhear-muinntir aig an t-sionnach, feumaidh e ’earball a ghiùlain

—SEAN-FHACAL

Fhuair marbhanaich na h’oidhche Flath-mòr nan Leòdach air binnean àrd a chaisteil; is tagradh trom-chnuasachd a’ cur aigne air allaban. Bha fia nan nial mu ’n cuairt; gealach ùr air a coinnil; is sìneadh nan tonn a’ righeadh a’ chladaich.

Caisteal Dhuin-bheagain! Có d’an aithne eachdraidh do bharrabhalla liath-ghlas; no dubh-sgial nan aimsir anns an d’ fhuair beus nan sleagh an sàth? Nach e so a’ cheart ionad—an àm gleidheadh nan dorsan—far ’na shloinn seanachaidh aosda, gineil nan teaghlach?—far ’na chuir clàrsairean trom-ghuthach, cliù nam fear fial ri fonn?—far ’na chruthaich cliar nam pìobairean, cian cheòl a tha fhathasd mar ghléus an co-sheirm nan linntean?—agus, cuideachd, far an d’ fhuair aoidheachd, aig tràth, a duais ann am biodag nimheil an fhir-cheilge?

Fhreagair Mac Leòid nan Leòdach na ceistean ’na rùn. Is dh’ éirich saobh-shruth ’na inntinn a thàlaidh gniomh-cuimhne nan sonn mu choinneamh.

B’ iad sid—ann an seadh, ’san ioma seadh—làithean nan éuchd ’s na h-anacair. Ach nach faod iad amas a-rithisd? Is ann an tigheachd a smuainte, chunnaic