thuige. Dé ’tha soillse a’ deanamh air gualainn a’ bhruthaich ud shuas?—Rabhadh, gu bheil eòlaich, is càirdean a’ falbh fo iùil a’ chrois-tarra, ’s a’ luath-ruith gu rathad an dealachaidh. Fiathach, ’s mar tha’n oidhche, cluinnidh mi siabadh na h-osaig o’n mhór-thir, is bròn na h-ionndrain ’ga h-iomairt. Ach c’arson?—A! Leònar an triath òg ’s a’ chath. Gheibh am bàs a chuid fhéin—an tosgaire minig nach seachainn rìgh no tràill. Eisd! Tha caithream aig siantaibh siùbhlach a’ giùlan a spioraid thar aiseag nam marbh——.”
“Agus,” thuirt Mac Leòid le an-fhoighidinn, “aig ceòlraidh nan seanar a’ toirt fàilte da dhreag a dh’ ionnsaidh Innis-nam-flath!”
Ach dhealaich iad mu dheireadh ri nàisinn cian-as nan linntean. Agus tha nis an seanachas air an teachd aireachd dhìomhair ’tha ruith eadar fir fhearuinn ’san luchd-dàimhe, ach gu sònruicht air an Ridire Tholmach agus an turrag a dh’ éirich do ’n Ogha Mhór ’s do dh’ Iain Ruairidh an Lunnain.
“Tha e fìor nach fuiling onair clùd, mar a thubhairt sibh,” labhair Mungan gu cealgach, tiamhaidh. “Ach seallaibh air aimhleas nan tubaistean-foill, a dh’ fheumas a bhi lorg buaireadair fola, is ceannairc na h-aramach. Oir cha leig aidmheilich a’ Phrionnsa ’leas dùil a bhi aca ris a’ chaochladh.”
“An e sin rùn Mhic-Shimidh?” cheasnaich Mac Leòid le amharus. “Tha fios chean’ agam dé ’m port a th’ air meòirean Foirbeiseach Chul-odair.”
“Cha’n ann le àbhachd a’ chaislichear do Mhac Leòid a leabaidh. Ni momha na sin, a shìneas Mac-