Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/230

This page has not been proofread.
212
AN T-OGHA MOR

casan Uisdein. Ach cluinnidh tu ’n còrr bho Nic Uaraig.”

“An tug thu tarruing a-rithisd oirre? Có ise?”

“Sin thu nise! Thalla! Có gu dearbh! Có, ach bana-charaid Mhic-Shimidh—teachdaire diomhair Dhiùc Earraghaidheal—driod-shuileach chlaon Righ Deòrsa; agus orra-ghràidh nam flath, maille li iomadh ainm is far-ainm eile.”

“A’ bheil i thar aois pòsaidh, a Mhungain?”

“Cha’n òigh gun mhealladh a th’ann a’ Nic Uaraig.”

“Co dhiùbh: ’s i bhios ann ’nuair a thig i!” dh’ atha-leasaich Mac Leòid le snomha gàire, chuireadh farmad air Conan.

“Mu’n dubhairt sibh, Fhir-Dhunbheagain!” dh’ aontaich Mungan, is giorag an t-sodail a’ deanamh fadhail da sheòltachd. Tharruing e ceum air falbh; ach dh’ fhuirich Mac Leòid ’na thosd, ’s a chorrag air ’fhaiceall.

Bha nis an oidhche air ruith gu deireadh; is féisdirean a’ chaisteil air poca-cadail, bho nach cluinneadh Fionn pìobaireachd, ach mar ghaoir sheillean. Bha Rob Crotach, le each is taod mu chluasan, a’ deanamh tillidh gun chabhaig do’n t-Strath. Greis ’na dhéigh, thràigh Mungan Tuathal deoch-an-doruis a làimh Mhic Leòid fhéin, gun fiù ’s am fios a mhalairt, gu’n robh sgioba ’s birlinn ’ga fheitheamh aig bun Loch Ghrìsirnis.

“Cha do dh’ fhalaich càrn madadh-ruadh a bheireadh an car a Mungan, ge b’e có ’n riaghach is daoine dha!” mhonbhuraich Mac Leòid fo ’n aisne ’san gineadh am fear-crosda mionnan.