Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/233

This page has not been proofread.
215
CEOL NAN CLAIDHEAMH DEARGA


“Thalla! Cha tuit caoran a cliabh falamh. Tuigidh mi nise am port ’tha air a mheòirean. Cha ’n e seanadh no Prionnsa a chuireas Mac Fhraing fo ’n choill, a mhallairt nan arm. Tha mi trom air mo mhealladh, neo tha e nise air cnoc-freadhairc, is fuil tuasaid ’ga dòrtadh. Ach bidh fios air so a dh’ aithghearr. Chuir thu ceist dhiomhair rium bho chionn tacain. Faodaidh mi ìnnse dhut a-nise gu bheil am Prionnsa ’san dùthaich. An còrr na iarr ’s na aithris bhuam.”

Mu’n a chuir Mairearad dreach air a h-ioghnadh, có thainig an rathad ach gille-ruith le rotaich, agus fhuil ’ga dhalladh.

“Dé! dé is leisgial do d’ chàradh?” dh’ fhoighnichd Mac Leoid le uamhas.

“Dé ach a’ mhi-shealbh,” fhreagair an duine, “ma sheasas ’ur foighidinn naigheachd an tuaireip. Fhir mo chinnidh, tha’ n cupa làn duilich ri ’ghiùlain. Ma rinn Mungan Tuathal car-mu-chnoc air tòir-fheachd nan Leòdach, tha bhlàth ri fhaicinn anns a’ bhealach ud thall. Is daor a cheannaich sibh air éirig ’ur n’ amharuis—”

“Cha cheòl eòin do cheilearadh, a Mhic Leòid Uilinis,” ghrad-chaisg fear Dhun-bheagain. “Có a bhrosnuich còmhail nam biodag, agus ciamar a dh’ éirich dhuibh?”

“Có bhrosnuich, ach Mungan Tuathal—sionnach nan car, ma tha fear eil’ ann. Thug mi còmhlan lium bho ’n Chaisteal, ach cha d’ fhuair sinn sùil na fàireadh air duine gus an d’ràinig sinn os-cionn bun Loch Ghrìsirnis. Ach mu’n abradh neach: Dhia beannaich mi!