Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/241

This page has not been proofread.
223
AN TATHAICH


amas na h-oidhch’ ud air m’ inntinn cho cuimir ri dealbh air cainbe. Agus mur meall mo bharail mi cha robh mi ’nam aonar fo dhruidheachd. Oir saoilidh mi gu’m faicear Donnachadh Sheumais a’ crùbadh a-stigh ri seann Iain Bàn, nuair a chual e mu’n tamhasg a bha seasamh ri gualainn Iain Ruairidh. Có idir ’nar measg a chailleadh sealladh air bàta na tathaich a bha sid? Gabh beachd,—mar a rinn sinne— air a’ bhlar-cùil air ’na thilgeadh ar n-aigne; agus chì thu an suidheachadh aognaidh a chuir an sgial so ann an cruth.

Bha’m bàta ’na laidhe fo dhubhar na h-Udairne, ach far an tuiteadh soisg na gealaich tre bhearnaibh nan sgòrr. Stad na fir làidir a dh’ iomaradh ’san uchdach air ràmh; is iad ma-dh’ fhaoidte coimhead ri teachd nan spiorad bho uaigneas nan stùcan cas. Bha iad a’ cluinntinn nuallan rongach a’ falbh ri aghaidh nan creag mar cheòl a’ dol bàs ann am pìob. Ged nach robh an oiteag ach fann, bha i togail ris na mullaich, mar osna bho shaoghal nam marbh. Thainig gléus air an cridhe ri borbhan nan lunn a’ bristeadh air cladach. Bha muir is aonach a’ ti’n ann am bith le taibhsean; is manadh air bhrath far an dùisgeadh leum-uisge a beò nan stalla.

Shnàg am bàta dh’ionnsaidh ceàrn’ anns an d’ fhuair gath-gealaich cothrom laidh air an taoim, mar shùil Drùìdh ’s i ’dìdeireachd; is nochd e Iain Ruairidh ’na sheasamh ’san deireadh le oibreachadh trom air a bhodhaig. Cha do dhi-chuimhnich iadsan a chunnaic e eadar iad ’s lias, mar a dh’ atharraich tuar an aodainn aige. Chaill e shlugadh