Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/242

This page has not been proofread.
224
AN T-OGHA MOR

’s am pathadh ’ga léireadh; is bheireadh e truas bho dheamhainn a bhi faicinn a chràig mu ’sgòrnan ann an éiginn faochaidh.

Thug càch an aire do’n t-solus a-rithisd; ach air an turus so dh’ fhuirich e na b’ fhaide, is e a-ghnàth ri gualainn Iain Ruairidh. Cha robh cuisle ’nan com gun chasadh buille; is bha’n t-uamhas a’ sior fhàs. Sgiolc am misneachd tre’m pòraibh. Oir cha dùraichdeadh iad amharc air a’ chéile gu’n fhios nach amaiseadh an sùil air tannasg ri’n taobh. Ma bha iad glas-nialach cheana, thainig dìleab a’ chlisgidh ’nan rathad, nuair a thug iad an aire do’n t-solus air tionndadh gu riochd duine ag éirigh romhpa, is e a’ seóladh air bharr mara d’an ionnsaidh.

Ma chunnaic no nach fac Iain fhéin, na chuir an oillt air an cridhe—tha cuid aca ’canail gu’m faca—thruis e mhuilichinn seachad air an uilinn.

“Tilgibh cruinn có bhuaileas a’ chuisle!” ghlaodh e cho fad ’s a leigeadh sgòrnan tioram leis.

Dh’ fheumta làmh a thoirt air rudaigin da thaobh, neo bhiodh call air am manadh. Ach mun do thàrr a h-aon air freagairt, thug Iain sùil ghrad thar a ghualainn; is ge bu dé a chunnaic no dh’ fhairich e, leig e sgal an uamhais as, agus e leum thar a beòil.


III

“Nach muladach ar tilleadh,” thuirt Alasdair nuair a thug iad dùil ri thi’n an uachdar. Ach bha Gilleasbuig a’ cumail a-mach gu’n robh e faicinn an t-soluis a’ seòladh air bharr na mara, fad an déigh an t-ionad