Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/31

This page has been proofread.
17
AN T-OGHA MOR

Chunnaic Una lùbadh na mearachd; ach dh’fhan i air ball ’na tosd. Oir thainig sanas ’na h-inntinn gu’n robh foill ri bruthach ’s a taod mu cluasan. Thug i sùil air fear mu seach dhiubh, dh’fhèach an togadh i comharradh an dàin bho’n gnùis. Ach mur a d’fhuair i dearbh fhianuis air a h-amharus, mhothaich i gu’n robh miann a cridhe ’san t-saoghal, is e ’seasamh aig peilear a bheatha. Bha i, ach gann a’ basraich a h-amhghair, nuair a thug taibhs na misnich beò air a h-aigne; is chuir i cainnt fo h-anail air.

“An t-Ogha Mór” ars’ ise ’s i tarruing gu h-obann air falbh. “Ma tha e ’san iomall, is gu’n teid agam air fhaotuinn,” rùnaich i ’s i ag amharc mu’n cuairt, “tha Iarlom sàbhailte.”

Bha esan far na dh’fhàgadh e, ach ’na chaidh e gu taobh airson nam fear-carachd, a bha sìor-theannadh ris. Chunnaic e gu’n robh ’nam beachd, aimhreit a thogail fa chomhair ge b’oil leis. Ach fhathasd,—ged nach d’fhuair e ’n t-saothair soirbh, no taitneach—chum e air, is bhuapa, dh’aindeoin an ìnnleachd. Cha robh sùil caraide ri fhaicinn, no duine dhe chinneadh air fàireadh. Bha coslas calla, thar-leis, ann an aodann fir no dithisd, nach do dhealaich ri chrudha fad an latha; is iad a-nise biorachadh da ionnsaidh. Thug e aig a’ cheart àm, an aire gu’n robh a’ Gharbhag-shléibhe ’nam bonaidean-san cuideachd—suaicheantas-catha Mhic Fhraing.

Ged a bha Iarlom ’na aonar air raoin, is luchd-éirig ag iarraidh ’na chìrean, cha tainig a’ mùghadh bu lugha air a smearalas. Ghabh e annas, airson sin, nach robh