Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/36

This page has been proofread.
22
AN T-OGHA MOR

a’ lùbadh nan diasan seanga; thigeadh bradan gu boisgeadh na gealaich ’s a’ ghlumaig; agus ian-beag le bìog na bu dlùithe da neadan. Dh’éirich a’ meannan-adhair le clisgeadh ’san lón; leig an gille-brìde biac as air sgeir-chladaich . . . . bha Una air cluasaig is a cadal an iomrall; Iarlom Mac Coinnich, ’s a mhulad an tosd, a’ stiùireadh a bhirlinn air linne Chinn-t-Sàile.

“Rinn iad an gnothuch air Mac Coinnich,” thuirt e diongalta ris fhein; “ach tha latha choin duibh gun tighinn fhathasd.”

Agus b’fhior dha sin.